Gabh pàirt

 

Coimisean air Ath-leasachadh Pàrlamaideach

 Gairm fianais

Fàilte dhan Choimisean air Ath-leasachadh Pàrlamaideach. Chaidh ar stèidheachadh airson coimhead air na ceistean seo:

  • mar a bhios Pàrlamaid na h-Alba a’ com-pàirteachadh le muinntir na h-Alba;
  • an tuigse air an eadar-dhealachadh eadar Pàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba; agus
  • a bheil na siostaman ‘sgrùdaidh is cothromachaidh’ ceart ann gus dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean pàrlamaideach èifeachdach.

Tha sinn airson do bheachdan a chluinntinn air dè cho math sa tha Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh sna trì raointean seo. Faodaidh tu sgrìobhadh thugainn le do bheachdan, faodaidh tu an t-suirbhidh air-loidhne againn a lìonadh, no faodaidh tu am pasgan-conaltraidh (toolkit) a chleachdadh gus do bhuidheann a chuideachadh le bhith a sgrìobhadh tagradh.

Tha barrachd fiosrachaidh mun ghairm fianais againn, an t-suirbhidh agus am pasgan conaltraidh rim faighinn air làrach lìn a’ Choimisein aig www.parliamentaryreform.scot/have-your-say. Tha fiosrachadh air an làraich-lìn  cuideachd mu bhith a’ gabhail pàirt ann an cànanan eile agus mu Phoileasaidh a’ Choimisean air foillseachadh beachdan sgrìobhte: Dèan cinnteach gun leugh thu seo mus cuir thu do bheachdan thugainn.

Tha an ceann-latha mu dheireadh airson do bheachdan sgrìobhte a chur a-steach don Choimisean air a shìneadh gu Diluain 27 Màrt 2017.